Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Eachdraidh 12:8

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus de na Gadaich chaidh thairis a dh’ionnsaigh Dhaibhidh, don daingneach anns an fhàsach, daoine treuna, fir-chogaidh iomchaidh a‑chum catha, dom b’aithne sgiath agus targaid a làimhseachadh, aig an robh an gnùisean mar ghnùisean leòmhann, agus iad cho luath ris na h‑èildean air na beanntan;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

17 Iomraidhean Croise  

Bha Saul agus Ionatan gràdhach agus taitneach nam beatha, agus nam bàs cha do sgaradh iad: bu luaithe iad na iolairean, bu treasa iad na leòmhainn.

Agus esan mar an ceudna a tha na dhuine treun, aig a bheil a chridhe mar chridhe leòmhainn, leaghaidh e gu tur, oir tha fhios aig Israel uile gur duine treun d’athair, agus gur daoine treuna iadsan a tha maille ris.

Agus bha trì mic Sheruiah an sin, Ioab, agus Abisai, agus Asahel: agus bha Asahel cho luath da chois ri boc-earba na machrach.

Agus Benaiah mac Iehoiada, mac duine gaisgeil, o Chabseel, a rinn mòran ghnìomharan, mharbh esan dithis fhear leòmhannta de Mhòab: chaidh e sìos mar an ceudna, agus mharbh e leòmhann ann am meadhon sluic an àm sneachda.

Agus bha Daibhidh an sin anns an daingneach; agus bha freiceadan nam Philisteach an sin ann am Betlehem.

Mharbh Benaiah, mac Iehoiada, mac duine gaisgeil o Chabseel, a rinn mòran ghnìomharan, mharbh esan dithis fhear leòmhannta de Mhòab: chaidh e sìos mar an ceudna, agus mharbh e leòmhann ann am meadhon sluic air là sneachda.

Thàinig mar an ceudna cuid de chloinn Bheniàmin agus Iùdah don daingneach a dh’ionnsaigh Dhaibhidh.

Agus Ioelah, agus Sebadiah, mic Ierobaim o Ghedor.

Eser an ciad fhear, Obadiah an dara, Eliab an treasa,

Agus chruinnich Amasiah Iùdah ri chèile, agus rinn e iad, a rèir taigh an athraichean, nan ceannardan mhìltean agus nan ceannardan cheud, ann an Iùdah agus ann am Beniàmin uile; agus ghabh e an àireamh o fhichead bliadhna a dh’aois agus os a chionn, agus fhuair e ann dhiubh trì cheud mìle fear taghte, a rachadh a‑mach gu cath, a làimhsicheadh sleagh agus sgiath.

Teichidh an t‑aingidh, gun neach air bith an tòir air; ach bidh na h‑ionraic dàn mar leòmhann.

Thoir as thu fhèin mar earb à làimh an t‑sealgair, agus mar eun à làimh an eunadair.

Luathaich ort, fhir mo ghràidh, agus bi cosmhail ri earban, no ri laogh fèidh air beanntan nan spìosraidh.

Rachaibh air ur n‑eich, agus bithibh air mhire-chatha; air na carbadan, agus rachadh na fir-chogaidh a‑mach: na h‑Etiopaich, agus na Libianaich a ghlacas an sgiath, agus na Lidianaich a ghlacas agus a chuireas air lagh am bogha.

Agus dh’fhan Daibhidh anns an fhàsach ann an daingnichean làidir, agus dh’fhan e ann an sliabh am fàsach Shiph: agus dh’iarr Saul e gach aon là, ach cha tug Dia thairis da làimh e.

Agus chaidh Daibhidh suas as a sin, agus ghabh e còmhnaidh ann an daingnichean làidir En‑gedi.

Agus mhionnaich Daibhidh do Shaul: agus chaidh Saul dhachaigh; ach chaidh Daibhidh agus a dhaoine suas don daingneach.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan