Agus Ismaiah an Gibeonach, duine treun am measg an deich-ar‑fhichead, agus os cionn an deich-ar‑fhichead; agus Ieremiah, agus Iehasiel, agus Iohanan; agus Iosabad an Gederatach,
A‑nis chaidh triùir de na deich-ceannardan-fichead sìos don charraig a dh’ionnsaigh Dhaibhidh, gu uaimh Adullaim: agus champaich feachd nam Philisteach ann an gleann Rephaim.
B’e Ahieser a bu bharraichte dhiubh, an sin Iòas, mic Shemaah an Gibeatach; agus Iesiel agus Pelet, mic Asmabheit; agus Beracha, agus Iehu an t‑Anatotach,
Agus air Iahasiel, mac Shechariah, mhic Bhenaiah, mhic Iehieil, mhic Mhataniah, Lèbhitheach de mhic Asaiph, bha spiorad an Tighearna, ann am meadhon a’ choitheanail: