Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Eachdraidh 12:39

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus bha iad an sin maille ri Daibhidh trì làithean, ag ithe agus ag òl: oir dh’ullaich am bràithrean air an son.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

Agus rinn e dhaibh cuirm, agus dh’ith agus dh’òl iad.

An sin thug Iàcob suas ìobairtean anns an t‑sliabh, agus ghairm e air a bhràithrean a dh’ithe arain: agus dh’ith iad aran, agus dh’fhan iad rè na h‑oidhche anns an t‑sliabh.

Cha dealaich an t‑slat-rìoghail ri Iùdah, no lagh-thabhartair o eadar a chasan, gus an tig Sìloh, agus dhàsan gèillidh na slòigh:

Agus fhreagair fir Iùdah uile fir Israeil, A chionn gu bheil an rìgh fagas an dàimh dhuinne: carson matà a tha fearg oirbhse airson an nì seo? An d’ith sinn a’ bheag on rìgh? No an tug e tìodhlac sam bith dhuinn?

Agus roinn e air an t‑sluagh uile, eadhon air uile cho-chruinneachadh Israeil, eadar fhir agus mhnathan, do gach neach breacag arain, agus mìr math feòla, agus cupan fìona: agus dh’fhalbh an sluagh uile, gach neach da thaigh fhèin.

Agus is iad seo rogha nan daoine treuna a bha aig Daibhidh, a neartaich iad fhèin leis na rìoghachd, agus le Israel uile, gu rìgh a dhèanamh dheth, a rèir facal an Tighearna mu thimcheall Israeil.

Na fir-chogaidh sin uile dom b’aithne dol an òrdagh blàir, le cridhe iomlan thàinig iad gu Hebron a dhèanamh Dhaibhidh na rìgh os cionn Israeil uile: agus mar an ceudna bha a’ chuid eile de Israel gu lèir de aon chridhe a‑chum Daibhidh a dhèanamh na rìgh.

A bhàrr air sin, thug iadsan a bha fagas dhaibh, gu ruig Isachar, agus Sebulun, agus Naphtali, aran leo air asail, agus air càmhail, agus air muileidean, agus air daimh, biadh, min, mill fhìgean, agus bagaidean de fhìondhearcan tiormaichte, agus fìon, agus ola, agus daimh, agus caoraich ann am pailteas; oir bha aoibhneas ann an Israel.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan