Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Eachdraidh 12:38

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Na fir-chogaidh sin uile dom b’aithne dol an òrdagh blàir, le cridhe iomlan thàinig iad gu Hebron a dhèanamh Dhaibhidh na rìgh os cionn Israeil uile: agus mar an ceudna bha a’ chuid eile de Israel gu lèir de aon chridhe a‑chum Daibhidh a dhèanamh na rìgh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

13 Iomraidhean Croise  

Oir thachair, ann an àm seann aois Sholaimh, gun do chlaon a mhnathan a chridhe an dèidh dhiathan eile: agus cha robh a chridhe iomlan leis an Tighearna a Dhia, mar a bha cridhe Dhaibhidh a athair.

Biodh ur cridhe uime sin iomlan leis an Tighearna ar Dia, a ghluasad na reachdan, agus a ghleidheadh a àitheantan, mar air an là‑an‑diugh.

Guidheam ort, O Thighearna, cuimhnich a‑nis cionnas a ghluais mi ad làthair ann am fìrinn, agus le cridhe iomlan, agus a rinn mi an nì a tha math ad shùilean. Agus ghuil Heseciah gu goirt.

De Shebulun a mheud is a chaidh a‑mach gu cath, daoine teòma ann an cogadh, le uile innealan cogaidh, deich agus dà‑fhichead mìle, a chuideachadh Dhaibhidh gun cheilg nan cridhe.

Agus air an taobh eile de Iòrdan, de na Reubenaich, agus de na Gadaich, agus de leth-threubh Mhanaseh, le uile innealan cogaidh a‑chum catha, ceud agus fichead mìle.

Agus bha iad an sin maille ri Daibhidh trì làithean, ag ithe agus ag òl: oir dh’ullaich am bràithrean air an son.

Mar an ceudna ann an Iùdah bha làmh Dhè a thoirt aon chridhe dhaibh, a dhèanamh àithne an rìgh agus nan uachdaran, a rèir facal an Tighearna.

Iomchairidh mi mi fhèin gu glic air slighe ionraic. O cuin a thig thu am ionnsaigh? Gluaisidh mi ann an ionracas mo chridhe ann am meadhon mo thaighe.

Bidh do shluagh ro‑thoileach ann an là do chumhachd; ann am maise na naomhachd, mar an drùchd o bholg na maidne, bidh d’òige agad.

Agus bheir mi dhaibh aon chridhe, agus cuiridh mi spiorad nuadh an taobh a‑staigh dhiubh; agus bheir mi an cridhe cloiche as am feòil, agus bheir mi dhaibh cridhe feòla;




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan