Agus de na Danaich, teòma ann an cogadh, ochd-mìle-fichead agus sia ceud.
Agus mic Dhain: Husim.
Bidh Dan na nathair air an ròd, na nathair-nimhe air an t‑slighe, a theumas sàiltean an eich, air chor is gun tuit a mharcach an coinneamh a chùil.
Agus de Naphtali mìle ceannard, agus maille riùsan, le sgèith agus sleagh, seachd-mìle-deug ar fhichead.
Agus de Aser, a mheud is a rachadh a‑mach gu cath, teòma ann an cogadh, dà‑fhichead mìle.
Agus Bacbacar, Heres, agus Galal, agus Mataniah mac Mhicah, mhic Shichri, mhic Asaiph;
Agus mu Dhan thubhairt e, Is cuilean leòmhainn Dan: leumaidh e o Bhasan.