Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Eachdraidh 12:33

Am Bìoball Gàidhlig 1992

De Shebulun a mheud is a chaidh a‑mach gu cath, daoine teòma ann an cogadh, le uile innealan cogaidh, deich agus dà‑fhichead mìle, a chuideachadh Dhaibhidh gun cheilg nan cridhe.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

6 Iomraidhean Croise  

Agus de Naphtali mìle ceannard, agus maille riùsan, le sgèith agus sleagh, seachd-mìle-deug ar fhichead.

Agus de Aser, a mheud is a rachadh a‑mach gu cath, teòma ann an cogadh, dà‑fhichead mìle.

Na fir-chogaidh sin uile dom b’aithne dol an òrdagh blàir, le cridhe iomlan thàinig iad gu Hebron a dhèanamh Dhaibhidh na rìgh os cionn Israeil uile: agus mar an ceudna bha a’ chuid eile de Israel gu lèir de aon chridhe a‑chum Daibhidh a dhèanamh na rìgh.

An sin thubhairt an rìgh ris na daoine glice dom b’aithne na h‑aimsirean (oir b’e sin gnàth an rìgh dan taobhsan uile a bha eòlach air lagh agus breitheanas:

Labhraidh iad dìomhanas gach neach ra choimhearsnach; le bilean miodalach, le cridhe dùbailte labhraidh iad.

Chunnaic Iosa Natànael a’ teachd da ionnsaigh, agus thubhairt e uime, Feuch Israeleach da‑rìribh, anns nach eil cealg!




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan