Agus de mhic Isachair, aig an robh aithne air na h‑aimsirean, a thuigsinn ciod a bu chòir do Israel a dhèanamh, bu dà cheud an ceannardan; agus am bràithrean uile aig an òrdagh-san.
Agus acasan, a rèir an ginealaichean, a rèir taigh an athraichean, bha buidhnean shaighdear gu cogadh, sia-mìle-deug ar fhichead fear: oir bha iomadh bean agus mac aca.
An sin thubhairt an rìgh ris na daoine glice dom b’aithne na h‑aimsirean (oir b’e sin gnàth an rìgh dan taobhsan uile a bha eòlach air lagh agus breitheanas:
Agus air madainn, Bidh droch aimsir ann an‑diugh, oir tha an t‑adhar dearg agus dorcha. A chealgairean, is aithne dhuibh breith a thoirt air gnùis an adhair, agus nach eil e an comas dhuibh comharraidhean nan aimsir a thuigsinn?
Mar chiad-ghin a thairbh tha a sgèimh, agus mar adhaircean nan aon-adharcach tha a adhaircean-san: leo seo purraidh e an sluagh le chèile, gu iomallan na talmhainn: agus is iad seo deich mìltean Ephraim, agus is iad seo mìltean Mhanaseh.