Bha famhairean air an talamh anns na làithean sin; agus mar an ceudna na dhèidh sin, nuair a thàinig mic Dhè a‑steach a‑chum nigheanan dhaoine, agus a rug iad clann dhaibh, dh’fhàs iad sin nan daoine treuna, a bha o shean nan daoine ainmeil.
Agus labhair Abner mar an ceudna ann an cluasan Bheniàmin: agus chaidh Abner mar an ceudna a labhairt ann an cluasan Dhaibhidh ann an Hebron gach nì a bha taitneach ann an sùilean Israeil, agus ann an sùilean taigh Bheniàmin uile.