Ach cha robh Sadoc an sagart, agus Benaiah mac Iehoiada, agus Nàtan am fàidh, agus Simei, agus Rei, agus na fir threuna, a bhuineadh do Dhaibhidh, maille ri Adoniah.
Mharbh Benaiah, mac Iehoiada, mac duine gaisgeil o Chabseel, a rinn mòran ghnìomharan, mharbh esan dithis fhear leòmhannta de Mhòab: chaidh e sìos mar an ceudna, agus mharbh e leòmhann ann am meadhon sluic air là sneachda.
Ach na sagartan, na Lèbhithich, mic Shadoic, a choimhead cùram m’ionaid naoimh, nuair a chaidh clann Israeil air seachran uam, thig iadsan dlùth dhomh, a‑chum frithealadh dhomh, agus seasaidh iad ann am fhianais a dh’ìobradh dhomh na saill agus na fala, deir an Tighearna Iehòbhah: