Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Eachdraidh 12:27

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus Iehoiada, ceannard nan Aaronach, agus maille ris trì mìle agus seachd ceud.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

Agus air an t‑seachdamh bliadhna chuir Iehoiada fios uaithe, agus ghabh e iadsan a bha os cionn cheudan, agus na ceannardan, agus am freiceadan, agus thug e a‑steach da ionnsaigh iad do thaigh an Tighearna, agus rinn e coicheangal riu, agus ghabh e mionnan dhiubh ann an taigh an Tighearna, agus dh’fheuch e dhaibh mac an rìgh.

Agus rinn na ceannardan-cheud a rèir gach nì a dh’àithn Iehoiada an sagart, agus ghabh iad gach fear dhiubh a dhaoine a bha a’ dol a‑steach air an t‑sàbaid, maille riùsan a bha a’ dol a‑mach air an t‑sàbaid, agus thàinig iad a dh’ionnsaigh Iehoiada an sagart.

Agus ghlac ceannard an fhreiceadain Seraiah an t‑àrd-shagart, agus Sephaniah an dara sagart, agus na trì dorsairean:

De mhic Lèbhi, ceithir mìle agus sia ceud.

Agus Sadoc, òganach ro‑threun, agus de thaigh a athar dà cheannard ar fhichead.

Ceannard nan Lèbhitheach, Hasabiah mac Chemueil: ceannard nan Aaronach, Sadoc:

Agus b’e Phinehas mac Eleàsair a bu cheann-riaghlaidh orra o shean am fianais an Tighearna.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan