Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Eachdraidh 12:24

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Mic Iùdah, a ghiùlain sgiath agus sleagh, sia mìle agus ochd ceud, armaichte a‑chum cogaidh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

6 Iomraidhean Croise  

Cha dealaich an t‑slat-rìoghail ri Iùdah, no lagh-thabhartair o eadar a chasan, gus an tig Sìloh, agus dhàsan gèillidh na slòigh:

An sin thàinig uile threubhan Israeil a dh’ionnsaigh Dhaibhidh gu Hebron, agus labhair iad, ag ràdh, Feuch, is sinne do chnàimh agus d’fheòil.

An sin chruinnich Israel uile iad fhèin a dh’ionnsaigh Dhaibhidh gu Hebron, ag ràdh, Feuch is sinne do chnàimh agus d’fheòil.

Agus is iad seo rogha nan daoine treuna a bha aig Daibhidh, a neartaich iad fhèin leis na rìoghachd, agus le Israel uile, gu rìgh a dhèanamh dheth, a rèir facal an Tighearna mu thimcheall Israeil.

Agus is e seo àireamh nan daoine armaichte a‑chum cogaidh, a thàinig a dh’ionnsaigh Dhaibhidh gu Hebron, a thionndadh rìoghachd Shauil da ionnsaigh-san a rèir facal an Tighearna:

De mhic Shimeoin, fir threuna gu cogadh, seachd mìle agus ceud.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan