Agus is e seo àireamh nan daoine armaichte a‑chum cogaidh, a thàinig a dh’ionnsaigh Dhaibhidh gu Hebron, a thionndadh rìoghachd Shauil da ionnsaigh-san a rèir facal an Tighearna:
A‑nis matà dèanaibh e; oir labhair an Tighearna mu Dhaibhidh, ag ràdh, Le làimh mo sheirbhisich Daibhidh saoraidh mi mo shluagh Israel à làimh nam Philisteach, agus à làimh an naimhdean uile.
Agus is iad seo rogha nan daoine treuna a bha aig Daibhidh, a neartaich iad fhèin leis na rìoghachd, agus le Israel uile, gu rìgh a dhèanamh dheth, a rèir facal an Tighearna mu thimcheall Israeil.
Agus thubhairt an Tighearna ri Samuel, Cia fhada a nì thu bròn airson Shauil, agus gun do chuir mise cùl ris o rìoghachadh os cionn Israeil? Lìon do chòrn le ola, agus falbh, cuiridh mise thu gu Iese am Betlehemeach; oir fhuair mi a‑mach am measg a chuid mhac rìgh dhomh fhèin.