Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Eachdraidh 12:22

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Oir mun àm sin là an dèidh là, thàinig iad a dh’ionnsaigh Dhaibhidh a chòmhnadh leis, gus an robh feachd mòr ann, mar fheachd Dhè.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt Iàcob, nuair a chunnaic e iad, Is e seo feachd Dhè: agus thug e Mahanaim mar ainm air an àite sin.

A‑nis bha cogadh fada eadar taigh Shauil agus taigh Dhaibhidh: ach bha Daibhidh a’ sìor dhol air aghaidh ann an neart, agus taigh Shauil a’ sìor dhol an laige.

Agus cumaidh an duine cothromach a shlighe; agus gheibh esan a tha glan na làmhan tuilleadh neirt.

Molaibh e, a ainglean uile; molaibh e, a shlòigh uile.

Agus nuair a bha Iosua làimh ri Iericho, thog e suas a shùilean agus dh’amhairc e, agus, feuch, sheas duine thall fa chomhair, agus a chlaidheamh rùisgte na làimh: agus chaidh Iosua da ionnsaigh, agus thubhairt e ris, An ann leinne a tha thu, no le ar n‑eascairdean?

Agus thubhairt e, Chan ann: ach mar cheannard sluagh an Tighearna tha mi a‑nis air teachd. Agus thuit Iosua air a aghaidh air an talamh, agus rinn e adhradh, agus thubhairt e ris, Ciod a tha mo thighearna ag ràdh ra sheirbhiseach?

A‑nis matà èirich gu moch anns a’ mhadainn maille ri seirbhisich do mhaighstir, a thàinig maille riut; agus cho luath is a dh’èireas sibh anns a’ mhadainn, agus a bhios solas agaibh, imichibh.

Agus nuair a bha Daibhidh agus a dhaoine air teachd gu Siclag air an treas là, bhris na h‑Amalecich a‑steach air an taobh deas, agus air Siclag; agus bhuail iad Siclag, agus loisg iad e le teine;




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan