Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Eachdraidh 12:20

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Nuair a bha e a’ dol gu Siclag, chaidh thairis da ionnsaigh de Mhanaseh, Adnah, agus Iosabad, agus Iediael, agus Michael, agus Iosabed, agus Elihu, agus Siltai, cinn-fheadhna nam mìltean a bha de Mhanaseh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

Agus chaidh cuid de Mhanaseh thairis a dh’ionnsaigh Dhaibhidh nuair a thàinig e leis na Philistich an aghaidh Shauil gu cath, ach cha do chuidich iad leo; oir, le comhairle, chuir tighearnan nam Philisteach air falbh e, ag ràdh, Le cunnart ar ceann-ne thèid e thairis a dh’ionnsaigh Shauil a thighearna.

Agus chuidich iad le Daibhidh an aghaidh buidheann nan creachadairean: oir bu daoine treuna iad uile, agus bha iad nan ceannardan anns an fheachd.

Agus Elioenai, agus Siltai, agus Eliel,

Agus taghaidh tu a‑mach as an t‑sluagh uile daoine foghainteach air am bi eagal Dhè, daoine fìrinneach, a dh’fhuathaicheas sannt; agus cuiridh tu iad os an cionn nan uachdarain mhìltean, nan uachdarain cheudan, nan uachdarain lethcheudan, agus nan uachdarain dheichnear.

Agus ghabh mi cinn ur treubhan, daoine glice agus aithnichte, agus rinn mi iad nan ceannardan oirbh, nan uachdarain mhìltean, agus nan uachdarain cheudan, agus nan uachdarain lethcheudan, agus nan uachdarain dheichnear, agus nan luchd-riaghlaidh am measg ur treubhan.

Mar chiad-ghin a thairbh tha a sgèimh, agus mar adhaircean nan aon-adharcach tha a adhaircean-san: leo seo purraidh e an sluagh le chèile, gu iomallan na talmhainn: agus is iad seo deich mìltean Ephraim, agus is iad seo mìltean Mhanaseh.

Uime sin rinn Daibhidh agus a dhaoine mocheirigh a‑chum gum falbhadh iad anns a’ mhadainn, agus gun tilleadh iad gu tìr nam Philisteach; agus chaidh na Philistich suas gu Iesreel.

An sin thubhairt ceannardan nam Philisteach, Ciod a tha na h‑Eabhraidhich sin a’ dèanamh an seo? Agus thubhairt Achis ri ceannardan nam Philisteach, Nach e seo Daibhidh, seirbhiseach Shauil, rìgh Israeil, a bha maille riumsa na làithean seo, no na bliadhnachan seo, agus cha d’fhuair mi cron sam bith ann on là anns an tàinig e am ionnsaigh gus an là‑an‑diugh?

Agus bha fearg air ceannardan nam Philisteach ris; agus thubhairt ceannardan nam Philisteach ris, Thoir air an fhear seo tilleadh, a‑chum gun tèid e a‑rìs da àit a dh’òrdaich thu dha, agus na rachadh e sìos maille rinne don chath, air eagal gum bi e na nàmhaid againn anns a’ chath: oir cia leis a dhèanadh e a rèite ra mhaighstir? Nach ann le cinn nan daoine sin?




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan