Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Eachdraidh 12:2

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Bha iad armaichte le boghachan, agus teòma leis an làimh dheis agus chlì air clachan a thilgeadh, agus saighdean a bogha, eadhon de bhràithrean Shauil de Bheniàmin.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

7 Iomraidhean Croise  

Agus de mhic Bheniàmin, luchd-dàimh Shauil, trì mìle; oir fhathast bha a’ chuid a bu mhò dhiubh nam freiceadan air taigh Shauil.

B’e Ahieser a bu bharraichte dhiubh, an sin Iòas, mic Shemaah an Gibeatach; agus Iesiel agus Pelet, mic Asmabheit; agus Beracha, agus Iehu an t‑Anatotach,

Agus bha mic Ulaim nan daoine treuna, nam fir-bhogha; agus bha mòran mhac aca, agus mhac am mac, ceud agus lethcheud: iad sin uile de mhic Bheniàmin.

Ged bha clann Ephraim fon airm, agus ged thilg iad le bogha, thill iad air an ais ann an là catha.

Dh’àirmheadh seachd ceud fear taghte am measg an t‑sluaigh seo uile, seachd ceud fear taghte clì-làmhach: thilgeadh gach aon dhiubh seo clach à crann-tabhaill air leud ròineige, agus cha mhearachdaicheadh e.

Ach nuair a ghlaodh clann Israeil ris an Tighearna, thog an Tighearna suas dhaibh fear-saoraidh, Ehud mac Ghera, Beniàmineach, duine ciotach: agus leis-san chuir clann Israeil tìodhlac gu Eglon rìgh Mhòaib.

Agus chuir Daibhidh a làmh na mhàla, agus ghabh e as a sin clach, agus thilg e as a chrann-tabhaill, agus bhuail e am Philisteach ann an clàr a aodainn: agus chaidh a’ chlach a‑steach ann an clàr a aodainn, agus thuit e air a aghaidh a dh’ionnsaigh an làir.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan