1 Eachdraidh 12:18Am Bìoball Gàidhlig 1992An sin thàinig an spiorad air Amasai, am fear a b’inbhiche de na ceannardan, agus thubhairt e, Leatsa tha sinne, a Dhaibhidh, agus air do thaobh, a mhic Iese: sìth, sìth dhut, agus sìth dod luchd-cuideachaidh: oir tha do Dhia a’ còmhnadh leat. Agus ghabh Daibhidh iad, agus rinn e iad nan ceannardan na buidhne. Faic an caibideil |
Agus nuair a dh’fhalbh e as a sin, thachair e air Iehonadab mac Rechaib a’ teachd na choinneamh; agus chuir e fàilte air, agus thubhairt e ris, A bheil do chridhe-sa dìreach, mar a tha mo chridhe-sa led chridhe-sa? Agus thubhairt Iehonadab, Tha. Ma tha, arsa esan, thoir dhomh do làmh. Agus thug e dha a làmh, agus thog e suas e da ionnsaigh don charbad.
Agus chuir esan a bha os cionn an taighe, agus esan a bha os cionn a’ bhaile, agus na seanairean, agus iadsan a thog a’ chlann, teachdairean gu Iehu, ag ràdh, Is sinne do sheirbhisich, agus nì sinn gach nì a dh’iarras tu oirnn; cha dèan sinn rìgh air bith: an nì a tha taitneach ad shùilean-sa, dèan e.
Agus chaidh Daibhidh a‑mach nan coinneamh, agus fhreagair e, agus thubhairt e riu, Ma thàinig sibh gu sìochail am ionnsaigh-sa a chuideachadh leam, bidh mo chridhe leibh le aon rùn: ach ma thàinig sibh a‑chum mo bhrath dom naimhdean, nuair nach eil eucoir air bith am làmhan, gun amhairceadh Dia ar n‑athraichean air a sin, agus gun cronaicheadh e e.