1 Eachdraidh 12:16Am Bìoball Gàidhlig 1992Thàinig mar an ceudna cuid de chloinn Bheniàmin agus Iùdah don daingneach a dh’ionnsaigh Dhaibhidh. Faic an caibideil |
Agus chaidh Daibhidh a‑mach nan coinneamh, agus fhreagair e, agus thubhairt e riu, Ma thàinig sibh gu sìochail am ionnsaigh-sa a chuideachadh leam, bidh mo chridhe leibh le aon rùn: ach ma thàinig sibh a‑chum mo bhrath dom naimhdean, nuair nach eil eucoir air bith am làmhan, gun amhairceadh Dia ar n‑athraichean air a sin, agus gun cronaicheadh e e.