Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Eachdraidh 12:15

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Sin iadsan a chaidh thairis air Iòrdan anns a’ chiad mhìos, nuair a bha sruth a’ cur thairis air a bruachan uile; agus chuir iad an ruaig air muinntir nan gleann uile, a làimh na h‑àird an ear agus na h‑àird an iar.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

5 Iomraidhean Croise  

Thàinig mar an ceudna cuid de chloinn Bheniàmin agus Iùdah don daingneach a dh’ionnsaigh Dhaibhidh.

Ma ruith thu leis na coisichean, agus gun do sgìthich iad thu, cionnas idir a nì thu strì ri eich? Agus ann am fearann sìth, ged robh agad dòchas, gidheadh ciod a nì thu ann an onfhadh Iòrdain?

Feuch, mar leòmhann thig e a‑nìos o ataireachd Iòrdain gu ionad-còmhnaidh nan cumhachdach. Gu deimhinn bheir mise fa‑near gu luath gu ruith e a‑nìos as a sin; agus cò e an gaisgeach taghte a chuireas mi os a chionn? Oir cò as cosmhail riumsa, no cò a chumas coinneamh rium, no càit a bheil am buachaille sin as urrainn seasamh ann am làthair?

Agus nuair a bha iadsan a ghiùlain an àirc air teachd gu Iòrdan, agus a bha casan nan sagart a ghiùlain an àirc air an tumadh ann an oir an uisge (oir tha Iòrdan a’ sruthadh thar a bruachan uile rè an fhogharaidh uile),

Agus nuair a bha na sagartan a ghiùlain àirc coicheangal an Tighearna air teachd a‑nìos à meadhon Iòrdain, agus a bha buinn casan nan sagart air an togail suas air an talamh thioram, an sin thill uisgeachan Iòrdain dan àite fhèin, agus chaidh iad thar a bruachan uile, mar a rinn iad roimhe.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan