A‑nis bha cogadh fada eadar taigh Shauil agus taigh Dhaibhidh: ach bha Daibhidh a’ sìor dhol air aghaidh ann an neart, agus taigh Shauil a’ sìor dhol an laige.
Oir bha Mordecai mòr ann an taigh an rìgh, agus chaidh a iomradh a‑mach air feadh nam mòr-roinn uile; oir dh’fhàs an duine seo Mordecai na bu mhò agus na bu mhò.
Na biodh eagal ort, oir tha mise maille riut; na biodh geilt ort, oir is mise do Dhia; neartaichidh mi thu; seadh, cuidichidh mi thu; seadh, cumaidh mi suas thu le deaslàimh m’fhìreantachd.
Na biodh eagal ort, a chnuimh, a Iàcoib, a dhaoine bàsmhor Israeil; nì mise cobhair ort, deir an Tighearna, agus is e d’fhear-saoraidh Tì naomh Israeil.
Air fàs a uachdaranachd, agus air a shìth, cha tig crìoch, air cathair rìoghail Dhaibhidh, agus air a rìoghachd; a‑chum a daingneachadh agus a socrachadh le breitheanas agus le ceartas, o seo a‑mach agus gu sìorraidh: bheir eud Tighearna nan sluagh seo gu crìch.