Agus is e seo adhbhar na cìse a thog rìgh Solamh a thogail taigh an Tighearna, agus a thaighe fhèin, agus Mhilo, agus balla Ierusaleim, agus Hasoir, agus Mhegido, agus Ghèseir.
Agus labhair e am fianais a bhràithrean agus armailt Shamaria, agus thubhairt e, Ciod a nì na h‑Iùdhaich anfhann seo? An daingnich iad iad fhèin? An ìobair iad? An crìochnaich iad ann an là? An tog iad suas a‑rìs na clachan as na dùin luaithre a chaidh a losgadh?
Ach mura do rinn sibh mar sin, thigeadh teine a‑mach o Abimelech, agus loisgeadh e maithean Shecheim, agus taigh Mhilo; agus thigeadh teine a‑mach o mhaithean Shecheim, agus o thaigh Mhilo, agus loisgeadh e Abimelech.
Agus chruinnich maithean Shecheim uile ri chèile, agus taigh Mhilo uile, agus chaidh iad agus rinn iad Abimelech na rìgh, làimh ri còmhnard a’ charraigh a bha ann an Sechem.