Agus ghabh Daibhidh còmhnaidh anns an tùr; uime sin thug iad baile Dhaibhidh mar ainm air.
Gidheadh, ghlac Daibhidh daingneach Shioin: is e sin baile Dhaibhidh.
Agus thubhairt luchd-àiteachaidh Iebuis ri Daibhidh, Cha tig thu an seo. Gidheadh, ghlac Daibhidh tùr Shioin; is e sin baile Dhaibhidh.
Agus thubhairt Daibhidh, Ge bè a bhuaileas na h‑Iebusaich an toiseach, bidh esan na cheannard agus na uachdaran. Agus chaidh Ioab, mac Sheruiah, suas an toiseach, agus bha e na cheannard.
Agus thog e am baile mun cuairt, eadhon o Mhilo mun cuairt: agus chuir Ioab suas a‑rìs a’ chuid eile den bhaile.
Gidheadh dh’ung mise mo Rìgh air Sion, mo shliabh naomh-sa.