Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Eachdraidh 11:5

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt luchd-àiteachaidh Iebuis ri Daibhidh, Cha tig thu an seo. Gidheadh, ghlac Daibhidh tùr Shioin; is e sin baile Dhaibhidh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

26 Iomraidhean Croise  

Agus ghabh Daibhidh còmhnaidh anns an daingneach, agus thug e Baile Dhaibhidh mar ainm air; agus thog Daibhidh aitreabh mun cuairt, o Mhilo agus air an taobh a‑staigh.

Agus cha b’àill le Daibhidh àirc an Tighearna a thionndadh da ionnsaigh fhèin gu baile Dhaibhidh: ach thug Daibhidh a lethtaobh i gu taigh Obed-edoim an Giteach.

Agus dh’innseadh do rìgh Daibhidh, ag ràdh, Bheannaich an Tighearna taigh Obed-edoim, agus gach nì a bhuineas dha, airson àirc Dhè. Uime sin dh’fhalbh Daibhidh, agus thug e a‑nìos àirc Dhè à taigh Obed-edoim gu baile Dhaibhidh le gàirdeachas.

An sin chruinnich Solamh seanairean Israeil, agus cinn nan treubh uile, ceannardan athraichean chloinn Israeil, gu rìgh Solamh ann an Ierusalem, a‑chum gun tugadh iad a‑nìos àirc coicheangal an Tighearna à baile Dhaibhidh; is e sin Sion.

Agus chaidh Daibhidh agus Israel uile gu Ierusalem (is e sin Iebus), far an robh na h‑Iebusaich, luchd-àiteachaidh an fhearainn.

Agus thubhairt Daibhidh, Ge bè a bhuaileas na h‑Iebusaich an toiseach, bidh esan na cheannard agus na uachdaran. Agus chaidh Ioab, mac Sheruiah, suas an toiseach, agus bha e na cheannard.

Agus ghabh Daibhidh còmhnaidh anns an tùr; uime sin thug iad baile Dhaibhidh mar ainm air.

An sin chruinnich Solamh seanairean Israeil, agus cinn nan treubh uile, ceannardan athraichean chloinn Israeil, gu Ierusalem, a‑chum gun tugadh iad a‑nìos àirc coicheangal an Tighearna à baile Dhaibhidh, as e Sion.

Oir an sin tha cathraichean breitheanais air an suidheachadh, cathraichean taigh Dhaibhidh.

Oir roghnaich an Tighearna Sion; mhiannaich e i mar ionad-còmhnaidh dha fhèin, ag ràdh,

Gidheadh dh’ung mise mo Rìgh air Sion, mo shliabh naomh-sa.

Tha sliabh Shioin sgiamhach na shuidheachadh; is e aoibhneas na talmhainn uile; air an taobh mu thuath tha baile an Rìgh mhòir.

Ach thagh e treubh Iùdah, sliabh Shioin a ghràdhaich e;

Is ionmhainn leis an Tighearna geatachan Shioin thar uile ionadan-còmhnaidh Iàcoib.

Ach mu Shion theirear, Rugadh am fear seo agus am fear ud innte, agus daingnichidh an Tì as àirde i.

Seinnibh cliù don Tighearna a chòmhnaicheas ann an Sion; aithrisibh am measg nan cinneach a ghnìomharan.

Mar a tha e sgrìobhte, Feuch, cuiream ann an Sion clach-thuislidh, agus carraig oilbheim: agus gach neach a chreideas annsan, cha chuirear gu nàire e.

Ach tha sibh air teachd gu sliabh Shioin, agus gu cathair an Dè bheò, an Ierusalem nèamhaidh, agus cuideachd do‑àireamh de ainglean,

Agus dh’amhairc mi, agus, feuch, Uan na sheasamh air sliabh Shioin, agus maille ris ceud agus dà‑fhichead agus ceithir mìle, aig an robh ainm a Athar-san sgrìobhte air clàr an aodainn.

Ach cha b’àill leis an duine fantainn an oidhche sin, ach dh’èirich e suas agus dh’imich e, agus thàinig e air aghaidh fa chomhair Iebuis (is e sin Ierusalem): agus bha maille ris dà asal len dìollaidean; bha mar an ceudna a choileabach maille ris.

Agus thubhairt Daibhidh ris na daoine a sheas làimh ris, ag ràdh, Ciod a nìthear don duine a mharbhas am Philisteach seo, agus a bheir air falbh am masladh o Israel? Oir cò e am Philisteach neo-thimcheall-gheàrrte seo, gun tugadh e dùbhlan do armailtean an Dè bheò?

Araon an leòmhann agus am math-ghamhainn mharbh do sheirbhiseach: agus bidh am Philisteach neo-thimcheall-gheàrrte seo mar aon diùbh-san, do bhrìgh gun tug e dùbhlan do armailtean an Dè bheò.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan