Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Eachdraidh 11:4

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus chaidh Daibhidh agus Israel uile gu Ierusalem (is e sin Iebus), far an robh na h‑Iebusaich, luchd-àiteachaidh an fhearainn.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

Agus an t‑Iebusach, agus an t‑Amorach, agus an Girgasach,

Agus na h‑Amoraich, agus na Canàanaich, agus na Girgasaich, agus na h‑Iebusaich.

Agus thubhairt luchd-àiteachaidh Iebuis ri Daibhidh, Cha tig thu an seo. Gidheadh, ghlac Daibhidh tùr Shioin; is e sin baile Dhaibhidh.

Agus thubhairt mi, Bheir mi suas sibh à àmhghar na h‑Eiphit, gu fearann nan Canàanach, agus nan Hiteach, agus nan Amorach, agus nam Peridseach, agus nan Hibheach, agus nan Iebusach, gu fearann a tha a’ sruthadh le bainne agus le mil.

A‑thaobh nan Iebusach, luchd-àiteachaidh Ierusaleim, cha b’urrainn clann Iùdah am fògradh a‑mach: ach tha na h‑Iebusaich nan còmhnaidh maille ri cloinn Iùdah ann an Ierusalem gus an là‑an‑diugh.

Agus chaidh a’ chrìoch suas gu gleann mac Hinoim, gu taobh deas an Iebusaich; (is e sin Ierusalem:) agus chaidh a’ chrìoch suas gu mullach na beinne, a tha ro ghleann Hinoim, air an làimh an iar, a tha aig ceann gleann nam famhairean ri tuath.

Agus Selah, Eleph, agus Iebusi (is e sin Ierusalem), Gibeat, agus Ciriat: ceithir mòr-bhailtean deug lem bailtean beaga. B’i sin oighreachd chloinn Bheniàmin, a rèir an teaghlaichean.

Agus cha do chuir clann Bheniàmin a‑mach na h‑Iebusaich a bha nan còmhnaidh ann an Ierusalem; ach tha na h‑Iebusaich nan còmhnaidh maille ri cloinn Bheniàmin ann an Ierusalem gus an là‑an‑diugh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan