Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Eachdraidh 11:24

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Na nithean sin rinn Benaiah mac Iehoiada, agus bha ainm aige am measg triùir dhaoine treuna.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

5 Iomraidhean Croise  

Agus bha Benaiah mac Iehoiada os cionn nan Cereteach agus nam Peleteach: agus bha mic Dhaibhidh nan àrd uachdarain.

Agus mharbh e Eiphiteach, duine de mheudachd mhòir, còig làmhan-coille air àirde; agus ann an làimh an Eiphitich bha sleagh cosmhail ri garman figheadair: ach chaidh esan sìos da ionnsaigh le luirg, agus spìon e an t‑sleagh à làimh an Eiphitich, agus mharbh e le a shleagh fhèin e.

Feuch, den triùir b’e a b’urramaiche, ach cha do ràinig e gu ruig a’ chiad triùir: agus chuir Daibhidh e os cionn a fhreiceadain.

A‑nis is iad seo iadsan a thàinig a dh’ionnsaigh Dhaibhidh gu Siclag, nuair a bha e fhathast ga chumail fhèin a‑staigh air eagal Shauil mhic Chis: agus bha iad am measg nam fear treuna, nan luchd-cuideachaidh anns a’ chogadh.

Agus Sadoc, òganach ro‑threun, agus de thaigh a athar dà cheannard ar fhichead.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan