Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Eachdraidh 11:22

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Mharbh Benaiah, mac Iehoiada, mac duine gaisgeil o Chabseel, a rinn mòran ghnìomharan, mharbh esan dithis fhear leòmhannta de Mhòab: chaidh e sìos mar an ceudna, agus mharbh e leòmhann ann am meadhon sluic air là sneachda.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

15 Iomraidhean Croise  

Bha Saul agus Ionatan gràdhach agus taitneach nam beatha, agus nam bàs cha do sgaradh iad: bu luaithe iad na iolairean, bu treasa iad na leòmhainn.

A‑nis bha Ioab os cionn armailtean Israeil uile: agus bha Benaiah mac Iehoiada os cionn nan Cereteach, agus os cionn nam Peleteach:

Agus bha Benaiah mac Iehoiada os cionn nan Cereteach agus nam Peleteach: agus bha mic Dhaibhidh nan àrd uachdarain.

Agus chaidh Sadoc an sagart, agus Nàtan am fàidh, agus Benaiah mac Iehoiada, agus na Ceretich, agus na Peletich sìos, agus thug iad air Solamh marcachd air muileid rìgh Daibhidh; agus thug iad e gu Gihon.

Ach cha robh Sadoc an sagart, agus Benaiah mac Iehoiada, agus Nàtan am fàidh, agus Simei, agus Rei, agus na fir threuna, a bhuineadh do Dhaibhidh, maille ri Adoniah.

Agus thàinig Benaiah gu pàillean an Tighearna, agus thubhairt e ris, Mar seo tha an rìgh ag ràdh, Thig a‑mach. Agus thubhairt esan, Cha tèid, ach gheibh mi bàs an seo. Agus thug Benaiah sgeul air ais a dh’ionnsaigh an rìgh, ag ràdh, Mar seo labhair Ioab, agus mar seo fhreagair e mi.

Den triùir b’e a b’urramaiche na an dithis, agus bha e na cheannard orra: gidheadh, cha do ràinig e gu ruig a’ chiad triùir.

Agus Sadoc, òganach ro‑threun, agus de thaigh a athar dà cheannard ar fhichead.

Agus de na Gadaich chaidh thairis a dh’ionnsaigh Dhaibhidh, don daingneach anns an fhàsach, daoine treuna, fir-chogaidh iomchaidh a‑chum catha, dom b’aithne sgiath agus targaid a làimhseachadh, aig an robh an gnùisean mar ghnùisean leòmhann, agus iad cho luath ris na h‑èildean air na beanntan;

Agus b’iad na bailtean a b’fhaide a‑mach, le treubh chloinn Iùdah, leth ri crìch Edoim mu dheas, Cabseel, agus Eder, agus Iagur,




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan