Agus chuir Daibhidh a‑mach trian den t‑sluagh fo làimh Ioaib, agus trian fo làimh Abisai mhic Sheruiah, bràthair Ioaib, agus trian fo làimh Itai an Giteach: agus thubhairt an rìgh ris an t‑sluagh, Gu deimhinn thèid mi fhèin mar an ceudna a‑mach maille ribh.
Agus thubhairt Daibhidh ri Abisai, A‑nis nì Sèba mac Bhichri tuilleadh croin dhuinn na rinn Absalom: gabh thusa seirbhisich do thighearna, agus falbh air a thòir, air eagal gum faigh e dha fhèin bailtean daingnichte, agus gun tèid e as uainn.
Ach rinn Abisai mac Sheruiah còmhnadh ris, agus bhuail e am Philisteach, agus mharbh e e. An sin mhionnaich fir Dhaibhidh dha, ag ràdh, Cha tèid thu a‑mach nas mò maille rinne gu cath, a‑chum nach cuir thu as lòchran Israeil.
Agus thubhairt e, Nar leigeadh mo Dhia dhomh gun dèanainn an nì seo: an òlainn-sa fuil nan daoine seo a chuir an anaman ann an cunnart? Oir le cunnart an anaman thug iad leo e: uime sin chan òladh e dheth. Na nithean sin rinn an triùir dhaoine treuna.
An sin fhreagair Daibhidh, agus thubhairt e ri Ahimelech an Hiteach, agus ri Abisai mac Sheruiah, bràthair Ioaib, ag ràdh, Cò a thèid sìos maille riumsa a dh’ionnsaigh Shauil don champ? Agus thubhairt Abisai, Thèid mise sìos maille riut.