Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Eachdraidh 11:19

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt e, Nar leigeadh mo Dhia dhomh gun dèanainn an nì seo: an òlainn-sa fuil nan daoine seo a chuir an anaman ann an cunnart? Oir le cunnart an anaman thug iad leo e: uime sin chan òladh e dheth. Na nithean sin rinn an triùir dhaoine treuna.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

16 Iomraidhean Croise  

Ach feòil maille ra beatha, eadhon a fuil, chan ith sibh.

Agus thubhairt e, Guma fada uamsa, a Thighearna, seo a dhèanamh: an òlainn-sa fuil nan daoine a chaidh ann an cunnart an anama? Uime sin cha b’àill leis òl dheth. Na nithean sin rinn an triùir dhaoine treuna.

Agus thubhairt Nàbot ri Ahab, Nar leigeadh Dia dhòmhsa gun tugainn oighreachd m’athraichean dhutsa.

Agus bhris an triùir tro fheachd nam Philisteach, agus tharraing iad uisge à tobar Bhetlehem a bha aig a’ gheata agus ghabh iad e, agus thug iad e gu Daibhidh: ach chan òladh Daibhidh e, ach thaom e a‑mach e don Tighearna.

Agus bha Abisai, bràthair Ioaib, na cheann air triùir: agus thog e a shleagh an aghaidh trì cheud, a mharbh e; agus bha ainm aige am measg thriùir.

Mura dubhairt fir mo phàillein, Och nach robh sinn air ar sàsachadh le a fheòil!

O fhoill agus o fhòirneart saoraidh e an anam, agus bidh am fuil luachmhor na shùilean.

Agus ge bè duine de thaigh Israeil no de na coigrich a tha air chuairt nur measg, a dh’itheas gnè sam bith fala; cuiridh mise mo ghnùis an aghaidh an anama sin a dh’itheas fuil, agus gearraidh mi as e o mheasg a shluaigh.

Agus thubhairt e riu, Is i seo m’fhuil-sa an tiomnaidh nuaidh, a dhòirtear airson mhòran.

Oir is biadh gu fìrinneach m’fheòil, agus is deoch gu fìrinneach m’fhuil.

(Muinntir a leig sìos am muineal fhèin airson m’anama-sa: dom bheil a’ toirt buidheachais chan e a‑mhàin mise, ach mar an ceudna eaglaisean nan Cinneach uile.)

Agus carson a tha sinne an gàbhadh gach uair?

Bu shluagh Sebulun agus Naphtali a chuir an anaman ann an cunnart gu bàs ann an àitean àrda an fhearainn.

(Oir chog m’athair-sa air ur son, agus chuir e a anam ann an cunnart mòr, agus shaor e sibh a làimh Mhidiain;

Oir chuir e a anam na làimh, agus mharbh e am Philisteach; agus dh’obraich an Tighearna saorsa mhòr airson Israeil uile: chunnaic thu e agus rinn thu gàirdeachas: carson matà a pheacaicheas tu an aghaidh fala neo-chiontaich, le Daibhidh a mharbhadh gun adhbhar?




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan