Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Eachdraidh 11:18

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus bhris an triùir tro fheachd nam Philisteach, agus tharraing iad uisge à tobar Bhetlehem a bha aig a’ gheata agus ghabh iad e, agus thug iad e gu Daibhidh: ach chan òladh Daibhidh e, ach thaom e a‑mach e don Tighearna.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

Agus bhris an triùir dhaoine treuna a‑steach tro fheachd nam Philisteach, agus tharraing iad uisge à tobar Bhetlehem, a bha làimh ris a’ gheata, agus ghabh iad e, agus thug iad leo e a dh’ionnsaigh Dhaibhidh: gidheadh cha b’àill leis òl dheth, ach thaom e a‑mach e don Tighearna.

Agus mhiannaich Daibhidh, agus thubhairt e, O nach tugadh neach dhomh deoch uisge o thobar Bhetlehem, a tha aig a’ gheata!

Agus thubhairt e, Nar leigeadh mo Dhia dhomh gun dèanainn an nì seo: an òlainn-sa fuil nan daoine seo a chuir an anaman ann an cunnart? Oir le cunnart an anaman thug iad leo e: uime sin chan òladh e dheth. Na nithean sin rinn an triùir dhaoine treuna.

Cuir mise mar sheula air do chridhe, mar sheula air do ghàirdean; oir làidir mar am bàs tha an gràdh, an‑iochdmhor mar an uaigh an t‑eud: is èibhlean a teine a èibhlean-san, lasair ro‑gharg.

Ach chan eil suim agam de nì air bith, cha mhò a tha mi a’ meas m’anama fhèin luachmhor dhomh, a‑chum gun crìochnaich mi mo thuras le aoibhneas, agus gun coilean mi a’ mhinistrealachd a fhuair mi on Tighearna Iosa, a dhèanamh fianais do shoisgeul gràs Dhè.

An sin fhreagair Pòl, Ciod as ciall dhuibh, a’ gul, agus a’ briseadh mo chridhe? Oir tha mise ullamh chan ann a‑mhàin gu bhith air mo cheangal, ach eadhon gu bàsachadh ann an Ierusalem airson ainm an Tighearna Iosa.

Oir chuir e a anam na làimh, agus mharbh e am Philisteach; agus dh’obraich an Tighearna saorsa mhòr airson Israeil uile: chunnaic thu e agus rinn thu gàirdeachas: carson matà a pheacaicheas tu an aghaidh fala neo-chiontaich, le Daibhidh a mharbhadh gun adhbhar?

Agus chruinnich iad an ceann a chèile gu Mispeh, agus tharraing iad uisge, agus dhòirt iad a‑mach e an làthair an Tighearna, agus thraisg iad air an là sin, agus thubhairt iad an sin, Pheacaich sinn an aghaidh an Tighearna. Agus thug Samuel breith air cloinn Israeil ann am Mispeh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan