Ach nuair a chuala na Philistich gun d’ung iad Daibhidh na rìgh air Israel, thàinig na Philistich uile a‑nìos a dh’iarraidh Dhaibhidh; agus chuala Daibhidh sin, agus chaidh e sìos don daingneach.
Na dhèidh sin thig thu gu cnoc Dhè, far a bheil freiceadain nam Philisteach: agus tàrlaidh, nuair a thig thu an sin don bhaile, gun coinnich thu cuideachd fhàidhean a’ teachd a‑nuas on ionad àrd, le saltair, agus tiompan, agus pìob, agus clàrsach romhpa, agus iad ri fàidheadaireachd:
Agus chuala Israel uile iomradh gun do bhuail Saul freiceadan nam Philisteach, agus mar an ceudna gu robh Israel air am meas gràineil leis na Philistich: agus ghairmeadh an sluagh an ceann a chèile an dèidh Shauil gu Gilgal.
Dh’imich Daibhidh air an adhbhar sin as a sin, agus chaidh e as gu uaimh Adulaim: agus nuair a chuala a bhràithrean agus taigh a athar uile e, chaidh iad sìos an sin da ionnsaigh.
Agus thubhairt am fàidh Gad ri Daibhidh, Na fan anns an daingneach; falbh, agus imich romhad gu tìr Iùdah. An sin dh’fhalbh Daibhidh, agus thàinig e gu coillteach Hareit.
Agus chaidh Saul agus a dhaoine ga iarraidh; agus dh’innis iad sin do Dhaibhidh: uime sin thàinig e a‑nuas gu carraig, agus dh’fhan e ann am fàsach Mhaoin. Agus nuair a chuala Saul sin, chaidh e air tòir Dhaibhidh ann am fàsach Mhaoin.