Agus shuidhich iadsan iad fhèin am meadhon na dalach sin, agus dhìon iad i, agus mharbh iad na Philistich: agus shaor an Tighearna iad le saorsa mhòir.
Dh’èirich esan agus bhuail e na Philistich gus an robh a làmh sgìth, agus an do lean a làmh ris a’ chlaidheamh. Agus dh’obraich an Tighearna saorsa mhòr air an là sin; agus thill an sluagh na dhèidh a‑mhàin a dh’fhaobhachadh.
A‑nis bha Nàaman ceannard sluagh rìgh Shiria na dhuine mòr aig a thighearna, agus urramach, a chionn leis-san gun tug an Tighearna saorsa do Shiria: bha e mar an ceudna treun ann an neart, ach bu lobhar e.
Bha esan maille ri Daibhidh ann am Pas-damim, agus an sin bha na Philistich air cruinneachadh an ceann a chèile gu cath; far an robh dail fhearainn làn eòrna; agus theich an sluagh ro na Philistich.
A‑nis chaidh triùir de na deich-ceannardan-fichead sìos don charraig a dh’ionnsaigh Dhaibhidh, gu uaimh Adullaim: agus champaich feachd nam Philisteach ann an gleann Rephaim.
Oir chuir e a anam na làimh, agus mharbh e am Philisteach; agus dh’obraich an Tighearna saorsa mhòr airson Israeil uile: chunnaic thu e agus rinn thu gàirdeachas: carson matà a pheacaicheas tu an aghaidh fala neo-chiontaich, le Daibhidh a mharbhadh gun adhbhar?