Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Eachdraidh 11:10

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus is iad seo rogha nan daoine treuna a bha aig Daibhidh, a neartaich iad fhèin leis na rìoghachd, agus le Israel uile, gu rìgh a dhèanamh dheth, a rèir facal an Tighearna mu thimcheall Israeil.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

13 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt Abner ri Daibhidh, Eiridh mi, agus falbhaidh mi, agus cruinnichidh mi Israel uile a dh’ionnsaigh mo thighearna, an rìgh, a‑chum gun dèan iad coicheangal riut, agus gun rìghich thu os cionn gach nì as miann led anam: agus chuir Daibhidh Abner air falbh, agus dh’imich e ann an sìth.

Agus thàinig uile sheanairean Israeil a dh’ionnsaigh an rìgh gu Hebron; agus rinn Daibhidh coicheangal riu ann an Hebron am fianais an Tighearna: agus dh’ung iad Daibhidh na rìgh air Israel, a rèir facal an Tighearna, le làimh Shamueil.

Agus chuidich iad le Daibhidh an aghaidh buidheann nan creachadairean: oir bu daoine treuna iad uile, agus bha iad nan ceannardan anns an fheachd.

Agus is e seo àireamh nan daoine armaichte a‑chum cogaidh, a thàinig a dh’ionnsaigh Dhaibhidh gu Hebron, a thionndadh rìoghachd Shauil da ionnsaigh-san a rèir facal an Tighearna:

Mic Iùdah, a ghiùlain sgiath agus sleagh, sia mìle agus ochd ceud, armaichte a‑chum cogaidh.

Na fir-chogaidh sin uile dom b’aithne dol an òrdagh blàir, le cridhe iomlan thàinig iad gu Hebron a dhèanamh Dhaibhidh na rìgh os cionn Israeil uile: agus mar an ceudna bha a’ chuid eile de Israel gu lèir de aon chridhe a‑chum Daibhidh a dhèanamh na rìgh.

Agus bha iad an sin maille ri Daibhidh trì làithean, ag ithe agus ag òl: oir dh’ullaich am bràithrean air an son.

A‑nis bha clann Israeil, a rèir an àireimh, eadhon cinn nan athraichean, agus na ceannardan mhìltean agus cheud, agus an luchd-riaghlaidh, a’ frithealadh don rìgh anns gach cùis a bhuineadh do na roinnean, a bha a’ teachd a‑steach agus a’ dol a‑mach mìos air mhìos air feadh uile mhìosan na bliadhna: anns gach roinn bha ceithir-mìle-fichead fear.

Agus chruinnich Daibhidh gu Ierusalem uile cheannardan Israeil, ceannardan nan treubh, agus ceannardan nan roinnean a bha a’ frithealadh don rìgh, agus na ceannardan mhìltean, agus na ceannardan cheud, agus an luchd-riaghlaidh os cionn uile mhaoin agus sprèidh an rìgh agus a mhac, leis an luchd-dreuchd, agus na daoine cumhachdach, agus na daoine gaisgeil uile.

Agus thubhairt an Tighearna ri Samuel, Cia fhada a nì thu bròn airson Shauil, agus gun do chuir mise cùl ris o rìoghachadh os cionn Israeil? Lìon do chòrn le ola, agus falbh, cuiridh mise thu gu Iese am Betlehemeach; oir fhuair mi a‑mach am measg a chuid mhac rìgh dhomh fhèin.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan