Ach chuir Absalom luchd-bratha air feadh uile threubhan Israeil, ag ràdh, Cho luath is a chluinneas sibh fuaim na trompaid, an sin their sibh, Tha Absalom na rìgh ann an Hebron.
Agus na dhèidh seo dh’fhiosraich Daibhidh den Tighearna, ag ràdh, An tèid mi suas gu aon de bhailtean Iùdah? Agus thubhairt an Tighearna ris, Falbh suas. Agus thubhairt Daibhidh, Càit an tèid mi suas? Agus thubhairt esan, Gu Hebron.
Agus b’iad na làithean a rìghich Daibhidh os cionn Israeil dà‑fhichead bliadhna: ann an Hebron rìghich e seachd bliadhna, agus ann an Ierusalem rìghich e trì-bliadhna-deug ar fhichead.
Agus chaidh iad suas mu dheas, agus thàinig iad gu Hebron, far an robh Ahiman, Sesai, agus Talmai, mic Anaic. (A‑nis thogadh Hebron seachd bliadhna ro Shòan anns an Eiphit.)
Cuiridh tu, air gach aon chor, esan na rìgh os do chionn a thaghas an Tighearna do Dhia; aon o mheasg do bhràithrean cuiridh tu na rìgh os do chionn: chan fhaod thu coigreach a chur os do chionn, nach eil na bhràthair dhut.
Labhraibh, guidheam oirbh, ann an cluasan maithean Shecheim uile, Cia dhiubh as fheàrr dhuibh, trì-fichead agus deichnear fear (eadhon mic Ierubàail uile) a bhith nan uachdarain oirbh, no aon fhear a bhith na uachdaran oirbh? Cuimhnichibh mar an ceudna gur mise ur cnàimh agus ur feòil.