Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Eachdraidh 10:8

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus air an là màireach, nuair a thàinig na Philistich a dh’fhaobhachadh nam marbh, fhuair iad Saul agus a mhic air tuiteam ann an sliabh Ghilbòa.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

6 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt iad, Is fuil seo: sgriosadh gun teagamh na rìghrean, agus bhuail iad a chèile: a‑nis matà, a dh’ionnsaigh na creiche, a Mhòaib.

Agus nuair a chunnaic uile fhir Israeil a bha anns a’ ghleann gun do theich iad, agus gu robh Saul agus a mhic marbh, an sin thrèig iad am bailtean, agus theich iad; agus thàinig na Philistich, agus chòmhnaich iad annta.

Agus nuair a dh’fhaobhaich iad e, ghlac iad a cheann, agus a airm, agus chuir iad fios do thìr nam Philisteach mun cuairt, gu sgeul a thoirt do thaigh an diathan brèige, agus don t‑sluagh.

Agus thàinig Iehosaphat agus a shluagh a thoirt leo an creiche; agus fhuair iad nam measg ann am pailteas araon beartas maille ris na cuirp mharbha, agus seudan luachmhor a thug iad dhiubh air an son fhèin, tuilleadh is a b’urrainn iad iomchar leo: agus bha iad trì làithean ann an cruinneachadh na creiche; oir bha i mòr.

Agus air an là màireach, nuair a thàinig na Philistich a dh’fhaobhachadh nam marbh, fhuair iad Saul agus a thriùir mhac air tuiteam ann an sliabh Ghilbòa.

An sin ghabh na Philistich àirc Dhè, agus thug iad i do thaigh Dhàgoin, agus shuidhich iad i làimh ri Dàgon.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan