Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Eachdraidh 10:7

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus nuair a chunnaic uile fhir Israeil a bha anns a’ ghleann gun do theich iad, agus gu robh Saul agus a mhic marbh, an sin thrèig iad am bailtean, agus theich iad; agus thàinig na Philistich, agus chòmhnaich iad annta.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

Mar sin fhuair Saul bàs, agus a thriùir mhac, agus dh’eug a thaigh uile anns an aon àm.

Agus air an là màireach, nuair a thàinig na Philistich a dh’fhaobhachadh nam marbh, fhuair iad Saul agus a mhic air tuiteam ann an sliabh Ghilbòa.

Agus cuiridh mi ur bailtean fàs, agus bheir mi lom-sgrìob air ur n‑ionadan naomha, agus cha ghabh mi fàile ur boltraich chùbhraidh.

Agus orrasan a dh’fhàgar beò dhibh, cuiridh mise laigse nan cridheachan ann an dùthchannan an naimhdean; agus cuiridh fuaim duilleig air chrith iad air theicheadh; agus teichidh iad, mar gum biodh iad a’ teicheadh on chlaidheamh; agus tuitidh iad nuair nach bi neach an tòir orra.

Toradh d’fhearainn, agus do shaothair uile, ithidh cinneach suas nach b’aithne dhut; agus bidh tu a‑mhàin fo fhòirneart agus air do bhruthadh an còmhnaidh:

Eiridh an coigreach a tha nur measg suas gu ro‑àrd os do chionn: agus thig thusa a‑nuas gu ro‑ìosal.

Agus bhuadhaich làmh Mhidiain an aghaidh Israeil: agus air sgàth nam Midianach rinn clann Israeil dhaibh fhèin na sluic a tha anns na beanntan, agus na h‑uamhan, agus na daingnichean làidir.

Nuair a chunnaic fir Israeil gu robh iad ann an teanntachd, a chionn gun do dhlùthaich an armailtean riu, an sin dh’fhalaich an sluagh iad fhèin ann an uamhan, agus ann an droighnich, agus ann an creagan, agus ann an daingnichean, agus ann an sluic.

Agus nuair a chunnaic fir Israeil, a bha air taobh a’ ghlinne, agus iadsan a bha air an taobh seo de Iòrdan, gun do theich fir Israeil, agus gu robh Saul agus a mhic marbh, thrèig iad na bailtean, agus theich iad; agus thàinig na Philistich, agus ghabh iad còmhnaidh annta.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan