Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Eachdraidh 10:6

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Mar sin fhuair Saul bàs, agus a thriùir mhac, agus dh’eug a thaigh uile anns an aon àm.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

Agus nuair a chunnaic fear-iomchair a arm gu robh Saul marbh, thuit esan mar an ceudna air a’ chlaidheamh, agus fhuair e bàs.

Agus nuair a chunnaic uile fhir Israeil a bha anns a’ ghleann gun do theich iad, agus gu robh Saul agus a mhic marbh, an sin thrèig iad am bailtean, agus theich iad; agus thàinig na Philistich, agus chòmhnaich iad annta.

Ach ma bhuanaicheas sibh ann an droch dhèanadas, sgriosar araon sibh fhèin agus ur rìgh.

Mar sin fhuair Saul bàs, agus a thriùir mhac, agus fear-iomchair a airm, agus a dhaoine uile air an là sin fhèin maille ri chèile.

Agus nuair a dh’ainmich e àirc Dhè, thuit e bhàrr na cathrach an comhair a chùil làimh ris a’ gheata, agus bhriseadh a amhach, agus fhuair e bàs; oir bha e na sheann duine, agus trom. Agus thug e breith air Israel dà‑fhichead bliadhna.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan