Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Eachdraidh 10:5

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus nuair a chunnaic fear-iomchair a arm gu robh Saul marbh, thuit esan mar an ceudna air a’ chlaidheamh, agus fhuair e bàs.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

4 Iomraidhean Croise  

An sin thubhairt Saul ri fear-iomchair a arm, Rùisg do chlaidheamh agus sàth tromham e, air eagal gun tig na daoine neo-thimcheall-gheàrrte sin, agus gun gnàthaich iad gu maslach mi. Ach cha dèanadh fear-iomchair a arm sin, oir bha eagal mòr air. Uime sin ghlac Saul claidheamh, agus thuit e air.

Mar sin fhuair Saul bàs, agus a thriùir mhac, agus dh’eug a thaigh uile anns an aon àm.

An sin ghairm e gu luath air an òganach a bha ag iomchar a arm, agus thubhairt e ris, Tarraing do chlaidheamh, agus marbh mi, air eagal gun abair iad umam, Mharbh bean e. Agus shàth an t‑òganach aige troimhe e, agus fhuair e bàs.

Agus nuair a chunnaic fear-iomchair a airm gu robh Saul marbh, thuit esan mar an ceudna air a chlaidheamh, agus fhuair e bàs maille ris.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan