Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Eachdraidh 10:2

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus lean na Philistich gu teann an dèidh Shauil, agus an dèidh a chuid mhac; agus bhuail na Philistich Ionatan, agus Abinadab, agus Malchisua, mic Shauil.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

11 Iomraidhean Croise  

Na làithean-san chaidh Phàraoh-necho rìgh na h‑Eiphit suas an aghaidh rìgh Asiria gu abhainn Euphràtes: agus chaidh rìgh Iosiah na aghaidh, agus mharbh esan e aig Megido nuair a chunnaic e e.

Agus mharbh e mic Shedeciah fa chomhair a shùl, agus chuir e a shùilean à Sedeciah, agus cheangail e e le geimhlean umha, agus thug e leis e do Bhàbilon.

Agus dh’fhàs an cath cruaidh an aghaidh Shauil, agus chuimsich na fir-bhogha e, agus lotadh e leis na fir-bhogha.

Agus ghin Ner Cis, agus ghin Cis Saul, agus ghin Saul Ionatan, agus Malchi-sua, agus Abinadab, agus Esbàal.

Agus ghin Ner Cis, agus ghin Cis Saul, agus ghin Saul Ionatan, agus Malchi-sua, agus Abinadab, agus Esbàal.

Na crom thu fhèin sìos dhaibh, agus na dèan seirbhis dhaibh: oir mise an Tighearna do Dhia, is Dia eudmhor mi, a’ leantainn aingidheachd nan athraichean air a’ chloinn, air an treas, agus air a’ cheathramh ginealach dhiubhsan a dh’fhuathaicheas mi;

A‑nis b’iad mic Shauil Ionatan, agus Isui, agus Melchi-sua: agus b’iad seo ainmean a dhithis nighean; ainm na ciad-ghin Merab, agus ainm na h‑ighinn a b’òige Michal.

Agus thubhairt Ionatan ris an òganach a dh’iomchair a airm, Thig, agus rachamaid thairis a dh’ionnsaigh freiceadan nan daoine neo-thimcheall-gheàrrte ud: theagamh gun obraich an Tighearna air ar son; oir chan eil bacadh air an Tighearna saoradh le mòran no le beagan.

Agus lean na Philistich Saul agus a mhic gu teann; agus bhuail na Philistich Ionatan, agus Abinadab, agus Malchisua, mic Shauil.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan