Agus thàinig uile sheanairean Israeil a dh’ionnsaigh an rìgh gu Hebron, agus rinn rìgh Daibhidh coicheangal riu ann an Hebron am fianais an Tighearna: agus dh’ung iad Daibhidh na rìgh air Israel.
Agus is e seo àireamh nan daoine armaichte a‑chum cogaidh, a thàinig a dh’ionnsaigh Dhaibhidh gu Hebron, a thionndadh rìoghachd Shauil da ionnsaigh-san a rèir facal an Tighearna:
Agus dh’fhàs eucail air Asa na chasan anns an naoidheamh-bliadhna-deug ar fhichead de a rìoghachadh, gus an tàinig a eucail gu àirde mhòir: gidheadh na eucail cha d’iarr e an Tighearna, ach na lighichean.
An dèan an tuagh uaill an aghaidh an fhir a tha a’ gearradh leatha? An àrdaich an tuireasg e fhèin an aghaidh an fhir a tha ga iomairt? Mar gun sìneadh an t‑slat i fhèin an aghaidh an neach a tha ga togail; no mar gun togadh an lorg suas e fhèin mar nach b’fhiodh a bha ann.
Ach a‑nis cha seas do rìoghachd: dh’iarr an Tighearna dha fhèin duine a rèir a chridhe fhèin, agus dh’àithn an Tighearna dha a bhith na cheannard air a shluagh, a chionn nach do ghlèidh thusa an nì a dh’àithn an Tighearna dhut.
Agus thubhairt an Tighearna ri Samuel, Cia fhada a nì thu bròn airson Shauil, agus gun do chuir mise cùl ris o rìoghachadh os cionn Israeil? Lìon do chòrn le ola, agus falbh, cuiridh mise thu gu Iese am Betlehemeach; oir fhuair mi a‑mach am measg a chuid mhac rìgh dhomh fhèin.