Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Eachdraidh 10:13

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Mar seo dh’eug Saul airson a chionta a rinn e an aghaidh an Tighearna, an aghaidh facal an Tighearna nach do ghlèidh e, agus mar an ceudna a chionn gun d’iarr e bean aig an robh leannan-sìth, a dh’fhiosrachadh dhith;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

18 Iomraidhean Croise  

Agus thug e air a mhac dol tron teine, agus rinn e fiosachd, agus ghnàthaich e draoidheachd, agus chuir e air chois leannain-shìth, agus luchd-fiosachd: dh’obraich e mòr aingidheachd ann an sùilean an Tighearna, ga bhrosnachadh gu feirg.

Seadh, na nàraichear neach sam bith a dh’fheitheas ortsa; biodh nàire orrasan a chiontaicheas gun adhbhar.

Oir feuch, sgriosar iadsan a thèid fada uat; gheàrr thu as gach neach a chaidh uat le strìopachas.

Cha leig thu le ban-fhiosaiche a bhith beò.

Ach gearrar na daoine aingidh bhàrr na talmhainn, agus spìonar luchd-easaontais as.

Agus fannaichidh spiorad na h‑Eiphit na meadhon; agus cuiridh mi ann an neo-bhrìgh a comhairle; agus iarraidh iad a‑chum nan iodhalan, agus a‑chum nan draoidhean, agus a‑chum na muinntir aig a bheil leannain-shìth, agus a‑chum an luchd-fiosachd.

Agus nuair a their iad ribh, Iarraibh a‑chum nam ban-fhiosaichean, agus a‑chum nan draoidhean, muinntir a nì bìdeil agus borbhanaich; nach bu chòir do shluagh iarraidh a‑chum an Dè? An ann a dh’iarradh iad a‑chum nam marbh, an àite nam beò?

Na biodh suim agaibh dhiùbhsan aig a bheil leannain-shìdh, agus na iarraibh a dh’ionnsaigh luchd-fiosachd, gu bhith air ur truailleadh leo: Is mise an Tighearna ur Dia.

Agus an t‑anam a thèid a thaobh a dh’ionnsaigh muinntir aig a bheil leannain-shìdh, agus a dh’ionnsaigh luchd-fiosachd, gu dol le strìopachas nan dèidh, cuiridh mise mo ghnùis an aghaidh an anama sin, agus gearraidh mi as e o mheasg a shluaigh.

Is aithreach leam gun do rinn mi Saul na rìgh; oir thionndaidh e air ais om leantainn, agus cha do choilean e m’àitheantan. Agus chuir sin doilgheas air Samuel, agus ghlaodh e ris an Tighearna rè na h‑oidhche.

Mar seo tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, Is cuimhne leam ciod a rinn na h‑Amalecich air na h‑Israelich, cionnas a chuir iad nan aghaidh anns an t‑slighe, nuair a thàinig iad a‑nìos as an Eiphit.

Oir mar pheacadh na draoidheachd tha ceannairc, agus mar aingidheachd iodhal-adhraidh tha rag-mhuinealachd: a chionn gun do chuir thusa cùl ri facal an Tighearna, chuir esan mar an ceudna cùl riutsa o bhith ad rìgh.

Agus nuair a dh’fhiosraich Saul den Tighearna, cha do fhreagair an Tighearna e, aon chuid le aislingean, no le Urim, no le fàidhean.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan