Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Eachdraidh 10:12

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Dh’èirich na fir threuna uile, agus thug iad leo corp Shauil, agus cuirp a chuid mhac, agus thug iad gu Iabes iad, agus dh’adhlaic iad an cnàmhan fon daraig ann an Iabes, agus thraisg iad seachd làithean.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

Agus chaidh Abram air aghaidh anns an fhearann gu àite Shicheim, gu còmhnard Mhòreh. Agus bha an Canàanach an sin anns an tìr.

Ach fhuair Deborah, banaltram Rebecah, bàs, agus dh’adhlaiceadh i fo Bhetel, fo dharaig: agus thugadh Alon-bacut mar ainm air.

Agus thàinig iad gu ùrlar-bualaidh Ataid, a tha an taobh thall de Iòrdan; agus rinn iad bròn an sin le caoidh mhòir agus ro‑chràitich: agus rinn e bròn airson a athar seachd làithean.

Agus nuair a thàinig an sluagh uile a thoirt air Daibhidh biadh ithe, am feadh is a b’e an là fhathast a bha ann, mhionnaich Daibhidh, ag ràdh, Mar sin gun dèanadh Dia riumsa, agus tuilleadh mar an ceudna, ma bhlaiseas mi aran no nì air bith eile, gus an tèid a’ ghrian fodha.

Agus nuair a chuala uile luchd-àiteachaidh Iabeis-ghilead na h‑uile nithean a rinn na Philistich ri Saul,

Agus thàinig mòran de na h‑Iùdhaich a‑chum Mharta agus Mhuire, gu comhfhurtachd a thoirt dhaibh a‑thaobh am bràthar.

An sin chaidh Nahas an t‑Amonach suas, agus champaich e an aghaidh Iabeis-ghilead: agus thubhairt uile dhaoine Iabeis ri Nahas, Dèan coicheangal rinn, agus nì sinne seirbhis dhut.

Agus thubhairt iad ris na teachdairean a thàinig, Mar seo their sibh ri fir Iabeis-ghilead, A‑màireach, nuair a dh’fhàsas a’ ghrian teth, bidh cobhair agaibh. Agus thàinig na teachdairean, agus dh’innis iad sin do fhir Iabeis; agus bha aoibhneas orra.

Dh’èirich na daoine treuna uile, agus dh’imich iad rè na h‑oidhche, agus thug iad corp Shauil, agus cuirp a chuid mhac, o bhalla Bhet-sain, agus thàinig iad gu Iabes, agus loisg iad an sin iad.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan