A shlèibhtean Ghilbòa, na biodh drùchd no uisge oirbh; no oirbhse, achaidhean thabhartas; oir an sin thilgeadh gu tàireil air falbh sgiath nan cumhachdach, sgiath Shauil, mar nach biodh e ungte le ola.
Agus thubhairt an t‑òganach a dh’innis dha, Thachair dhòmhsa a bhith air sliabh Ghilbòa, agus, feuch, bha Saul a’ leigeil a thaice ra shleagh, agus, feuch, lean na carbadan agus am marc-shluagh gu dian na dhèidh.
Agus dh’fhalbh Daibhidh, agus thug e o dhaoine Iabeis-ghilead cnàmhan Shauil, agus cnàmhan a mhic, Ionatan, a ghoid iad o shràid Bhet-sain, far an do chroch na Philistich iad, anns an là air an do mharbh na Philistich Saul ann an Gilbòa:
Agus anns na làithean sin chruinnich na Philistich an armailtean an ceann a chèile a‑chum cogaidh, a chur catha ri Israel: agus thubhairt Achis ri Daibhidh, Biodh fhios gu cinnteach agad gun tèid thu a‑mach maille riumsa a‑chum catha, thu fhèin agus do dhaoine.
Agus chruinnicheadh na Philistich an ceann a chèile, agus thàinig iad agus champaich iad ann an Sunem: agus chruinnich Saul Israel uile an ceann a chèile, agus champaich iad ann an Gilbòa.