Agus mic Chuis: Sèba, agus Habhilah, agus Sabta, agus Raamah, agus Sabtecha: agus mic Raamah: Sèba agus Dedan.
Agus mic Chuis: Sèba, agus Habhilah, agus Sabtah, agus Raamah; agus Sabtecha: agus mic Raamah: Sèba, agus Dedan.
Agus ghin Cus Nimrod: thòisich esan air a bhith cumhachdach air an talamh.
Mic Ham: Cus, agus Misraim, agus Phut, agus Canàan.
An fhàistneachd mu thimcheall Aràbia. Anns an fhrìth ann an Aràbia gabhaidh sibh tàmh, a chuideachdan-siubhail Dhedanim.
B’iad fir Dhedain do cheannaichean, mòran eileanan malairt do làimhe: thug iad ad ionnsaigh mar thìodhlac adhaircean deud-chnàmh, agus eboni.
Ceannaichean Shèba agus Raamah, b’iadsan do cheannaichean: rinn iad malairt ann ad mhargadh le taghadh nan uile spìosraidh, agus leis na h‑uile chlachan luachmhor, agus le òr.