Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Eachdraidh 1:7

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus mic Iabhain: Elisah, agus Tarsis, Citim, agus Dodanim.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

12 Iomraidhean Croise  

Agus mic Iabhain; Elisa, agus Tarsis, Citim, agus Dodanim.

Agus mic Ghomeir: Aschenas, agus Riphat, agus Togarmah.

Mic Ham: Cus, agus Misraim, agus Phut, agus Canàan.

Bheir rìghrean Tharsis agus nan eilean tìodhlacan uapa; bheir rìghrean Shèba agus Shaba tabhartasan dha.

Trom-eallach Thìruis. Dèanaibh caoineadh, a longan Tharsis; oir sgriosadh i gu tur, ionnas nach eil taigh no fàrdach innte: o thalamh Chitim dh’fhoillsicheadh dhaibh e.

Agus thubhairt e, Cha dèan thu caithreim nas mò, O òigh shàraichte, a nighean Shìdoin; èirich, rach thairis gu Citim; an sin fòs chan fhaigh thu suaimhneas.

Agus cuiridh mi comharradh nam measg; agus a’ mhuinntir a thèid as dhiubh cuiridh mi a dh’ionnsaigh nan cinneach, gu Tarsis, Pul, agus Lud, a thàirngeas am bogha; gu Tubal agus Iabhan, na crìochan fad as; nach cuala iomradh orm, agus nach faca riamh mo ghlòir; agus cuiridh iad an cèill mo ghlòir am measg nan cinneach.

Oir siùbhlaibh thairis gu crìochan Chitim, agus faicibh; agus cuiribh fios gu Cedar, agus thugaibh geur aire; feuchaibh an do thachair riamh a leithid seo.

De dharagan Bhasain rinn iad do ràimh: rinn cuideachd nan Asurach do thobhtachan de dheud-chnàimh o eileanan Chitim.

B’e anart grinn, le obair ghrèise on Eiphit, a sgaoil thu a‑mach gu bhith na sheòl dhut: b’e gorm agus purpar o eileanan Elisah an nì sin a sgeadaich thu.

Oir thig longan Chitim na aghaidh: air an adhbhar sin bidh doilgheas air, agus tillidh e, agus bidh fearg air an aghaidh a’ choicheangail naoimh: mar sin nì e; eadhon tillidh e, agus cumaidh e bàidh riùsan a thrèigeas an coicheangal naomh.

Agus thig longan o iomall Chitim, agus nì iad olc air Asur, agus nì iad olc air Eber, agus sgriosar esan mar an ceudna gu bràth.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan