Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Eachdraidh 1:45

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus dh’eug Iobab; agus rìghich na àite Husam o thìr nan Temanach.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

5 Iomraidhean Croise  

Agus b’iad mic Eliphaids Teman, Omar, Sepho, agus Gatam, agus Cenads.

Agus dh’eug Iobab, agus rìghich Husam o thìr Themani na àite.

Agus dh’eug Husam; agus rìghich Hadad mac Bhedaid (a bhuail Midian ann am machair Mhòaib) na àite: agus b’e ainm a bhaile Abhit.

A‑nis nuair a chuala triùir chàirdean Iob an t‑olc seo uile a thàinig air, thàinig iad gach fear as a àite fhèin; Eliphas an Temanach, agus Bildad an Suhach, agus Sophar an Naamatach; oir shuidhich iad eatorra fhèin teachd a dhèanamh bròin maille ris, agus a thabhairt comhfhurtachd dha.

Agus claoidhear do dhaoine treuna-sa, O Themain, a‑chum gun gearrar as gach duine de shliabh Esau le àr.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan