Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Eachdraidh 1:4

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Nòah, Sem, Ham, agus Iàphet.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

16 Iomraidhean Croise  

A‑nis is iad sin ginealaichean mic Nòah, Sem, Ham, agus Iàphet: agus rugadh dhaibh mic an dèidh na dìle.

Agus bha Nòah còig ceud bliadhna a dh’aois: agus ghin Nòah Sem, Ham, agus Iàphet.

Agus thubhairt an Tighearna ri Nòah, Rach thusa agus do thaigh uile a‑steach don àirc; oir thusa chunnaic mi cothromach am fhianais anns a’ ghinealach seo.

Agus b’iad mic Nòah a chaidh a‑mach as an àirc, Sem agus Ham agus Iàphet: agus b’e Ham athair Chanàain.

Is iad sin triùir mhac Nòah: agus leo sin lìonadh an talamh uile.

Agus b’iad uile làithean Nòah naoi ceud agus lethcheud bliadhna: agus fhuair e bàs.

Henoch, Metùselah, Làmech,

Mic Iapheit: Gomer, agus Magog, agus Madai, agus Iabhan, agus Tubal, agus Mesech, agus Tiras.

Ged bhiodh an triùir fhear seo, Nòah, Daniel, agus Iob innte, cha saoradh iad ach an anaman fhèin lem fìreantachd, deir an Tighearna Dia.

Agus mar a bha e ann an làithean Noe, mar sin mar an ceudna bidh e ann an làithean Mac an Duine:

Mhic Chainain, mhic Arphacsaid, mhic Shem, mhic Noe, mhic Lameich,

Tre chreideamh, air do Nòah rabhadh fhaotainn o Dhia mu thimcheall nithean nach robh idir rim faicinn, agus eagal a ghabhail, dh’ullaich e àirc a‑chum tèarnadh a theaghlaich; tre an do dhìt e an saoghal, agus rinneadh e na oighre air an fhìreantachd a tha a‑thaobh creidimh.

Agus nach do chaomhain e an seann saoghal, ach gun do shaor e Nòah, an t‑ochdamh pearsa, searmonaiche fìreantachd, air dha an dìle a thoirt air saoghal nan daoine mì‑dhiadhaidh;




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan