Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Eachdraidh 1:39

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus mic Lotain: Hori, agus Homam: agus b’i Timna piuthar Lotain.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

5 Iomraidhean Croise  

Agus b’iad clann Lotain Hori agus Heman: agus b’i Timna piuthar Lotain.

Agus mic Sheir: Lotan, agus Sobal, agus Sibeon, agus Anah, agus Dison, agus Eser, agus Disan.

Mic Shobail: Alian, agus Manahat, agus Ebal, Sephi, agus Onam. Agus mic Shibeoin; Aiah, agus Anah.

Bha mar an ceudna na Horaich a chòmhnaidh roimhe sin ann an Seir; ach thàinig clann Esau nan dèidh, agus chuir iad as dhaibh as an sealladh, agus ghabh iad còmhnaidh nan àite, mar a rinn Israel ri fearann a sheilbh-san, a thug an Tighearna dhaibh.

Mar a rinn e ri cloinn Esau a bha a chòmhnaidh ann an Seir, nuair a sgrios e na Horaich romhpa; agus thàinig iad nan dèidh, agus ghabh iad còmhnaidh nan àite, eadhon gus an là‑an‑diugh:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan