Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Eachdraidh 1:34

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus ghin Abrahàm Isaac. Mic Isaaic: Esau agus Israel.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

12 Iomraidhean Croise  

Agus is iad seo ginealaichean Isaaic mhic Abrahàim: Ghin Abrahàm Isaac.

Agus thubhairt esan, Cha ghoirear Iàcob nas mò riut mar ainm, ach Israel: oir bha cumhachd agad mar uachdaran ri Dia, agus ri daoine, agus thug thu buaidh.

Agus dh’fhiosraich Iàcob dheth, agus thubhairt e, Innis dhomh, guidheam ort, d’ainm: agus thubhairt esan, Carson a tha thu a’ farraid m’ainme? Agus bheannaich e an sin e.

Mic Abrahàim: Isaac agus Ismael.

Agus mic Mhidiain: Ephah, agus Epher, agus Henoch, agus Abida, agus Eldaah. Is iad sin uile mic Cheturah.

Ghin Abrahàm Isaac, agus ghin Isaac Iàcob, agus ghin Iàcob Iùdas agus a bhràithrean,

Mhic Iàcoib, mhic Isaaic, mhic Abrahàim, mhic Thara, mhic Nachoir,

Agus thug e dha coicheangal an timcheall-ghearraidh: agus mar sin ghin Abrahàm Isaac, agus thimcheall-gheàrr e e air an ochdamh là: agus ghin Isaac Iàcob, agus Iàcob an dà phrìomh-athair dheug.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan