Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Eachdraidh 1:32

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus mic Cheturah, coileabach Abrahàim: rug ise Simran, agus Iocsan, agus Medan, agus Midian, agus Isbac, agus Suah. Agus mic Iocsain; Sèba, agus Dedan.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

19 Iomraidhean Croise  

An sin chaidh Midianaich seachad, ceannaichean; agus tharraing iad agus thog iad suas Iòseph as an t‑sloc, agus reic iad Iòseph ris na h‑Ismaelich air fichead bonn airgid. Agus thug iadsan Iòseph don Eiphit.

Agus nuair a chuala bànrighinn Shèba cliù Sholaimh ann an ainm an Tighearna, thàinig i ga dhearbhadh le ceistean cruaidhe.

Ietur, Naphis, agus Cedemah. Is iad sin mic Ismaeil.

Agus mic Mhidiain: Ephah, agus Epher, agus Henoch, agus Abida, agus Eldaah. Is iad sin uile mic Cheturah.

Dh’amhairc buidhnean Thema, dh’fheith cuideachdan Shèba orra.

Bheir rìghrean Tharsis agus nan eilean tìodhlacan uapa; bheir rìghrean Shèba agus Shaba tabhartasan dha.

Agus bidh e beò, agus bheirear dha de òr Shèba, agus nìthear ùrnaigh air a shon a‑ghnàth; gach là beannaichear e.

An fhàistneachd mu thimcheall Aràbia. Anns an fhrìth ann an Aràbia gabhaidh sibh tàmh, a chuideachdan-siubhail Dhedanim.

Còmhdaichear thu le lìonmhorachd nan càmhal, le dromadairean Mhidiain agus Ephah; thig iad uile o Shèba; òr agus tùis giùlainidh iad, agus cliù an Tighearna cuiridh iad an cèill.

Do Dhedan, agus do Thema, agus do Bhus, agus do na h‑uile a tha anns na ceàrnan iomallach;

Teichibh, tillibh air ur n‑ais, rachaibh domhain a ghabhail còmhnaidh, O luchd-àiteachaidh Dhedain; oir bheir mise dòrainn Esau air, nuair a smachdaicheas mi e.

Uime sin, mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Sìnidh mise fòs a‑mach mo làmh air Edom, agus gearraidh mi as duine agus ainmhidh uaithe, agus nì mi fàs e o Theman, agus tuitidh muinntir Dhedain leis a’ chlaidheamh.

B’e Dedan do cheannaiche ann an aodaichean luachmhor airson charbad.

Agus, feuch, thàinig fear de chloinn Israeil, agus thug e a‑chum a bhràithrean ban-Mhidianach, ann an sealladh Mhaois, agus ann an sealladh coitheanal chloinn Israeil uile, agus iad a’ gul aig doras pàillean a’ choitheanail.

Dìol clann Israeil air na Midianaich; na dhèidh sin cruinnichear a‑chum do dhaoine thu.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan