Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Eachdraidh 1:13

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus ghin Canàan Sìdon a chiad-ghin, agus Het,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

13 Iomraidhean Croise  

Agus rinneadh an t‑achadh, agus an uaimh a tha ann, daingeann do Abrahàm mar sheilbh àit-adhlaic le mic Het.

Agus dh’èirich Abrahàm suas o làthair a mhairbh, agus labhair e ri mic Het, ag ràdh,

Agus fhreagair mic Het Abrahàm, ag ràdh ris,

Agus thubhairt Rebecah ri Isaac, Tha mi sgìth dem bheatha airson nigheanan Het: ma ghabhas Iàcob bean de nigheanan Het, mar iadsan a tha de nigheanan na dùthcha, ciod am math a nì mo bheatha dhòmhsa?

Agus chunnaic Ham, athair Chanàain, nochd a athar, agus dh’innis e da dhà bhràthair a‑muigh.

Agus chuir Daibhidh fios uaithe gu Ioab, ag ràdh, Cuir am ionnsaigh Uriah an t‑Hiteach. Agus chuir Ioab Uriah a dh’ionnsaigh Dhaibhidh.

Agus na Patrusaich, agus na Casluhaich (on tàinig na Philistich), agus na Caphtoraich.

Agus an t‑Iebusach, agus an t‑Amorach, agus an Girgasach,

Agus cuiridh mise ceàrnabhain romhad, agus fògraidh iad a‑mach an t‑Hibheach, an Canàanach, agus an t‑Hiteach, as do làthair.

Agus nuair a chuala na rìghrean uile a bha air an taobh seo de Iòrdan, anns na beanntan, agus anns a’ chòmhnard, agus ann an uile oirthir na fairge mòire thall fa chomhair Lebanoin, an t‑Hiteach, agus an t‑Amorach, an Canàanach, am Peridseach, an t‑Hibheach, agus an t‑Iebusach seo:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan