Leig dhuinn dol, guidheamaid ort, gu Iòrdan, agus bheir gach fear againn sail as a sin, agus nì sinn dhuinn fhèin an sin àite gu còmhnaidh a ghabhail ann. Agus fhreagair esan, Rachaibh.
Agus a thabhairt ciad-ghin ar mac agus ar n‑ainmhidhean, mar a tha e sgrìobhte anns an lagh, agus ciad-ghin ar cruidh agus ar caorach, gu taigh ar Dè, a dh’ionnsaigh nan sagart a fhrithealas ann an taigh ar Dè:
Ach bhrosnaich na h‑Iùdhaich na mnathan cràbhach agus urramach, agus daoine uaisle na cathrach, agus thog iad geur-leanmhainn an aghaidh Phòil agus Bharnabais, agus thilg iad a‑mach as an crìochan iad.
Agus air do fhearann a bhith aig Ioses den do ghoireadh leis na h‑abstoil Barnabas (is e sin, air eadar-theangachadh, Mac na Comhfhurtachd), Lèbhitheach, dom bu dùthaich Cìprus;
Oir is cuimhne leibh, a bhràithrean, ar saothair, agus ar sgìos: oir air dhuinn a bhith ri obair a dh’oidhche agus a là, a‑chum nach cuireamaid trom air neach sam bith agaibh, shearmonaich sinn dhuibh soisgeul Dhè.